Chaidh  Am Bòrd Stiùiridh a stèidheachadh le Urras Shomhairle anns a’ Ghiblean 2006 gus  deasachadh a’ ghoireis, Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne, a ghabhail os  làimh.  ’S e amas a’ ghoireis a bhith a’  sgaoileadh eòlais agus a’ meudachadh tuigse air obair a’ bhàird, agus an cliù  agus a’ bhuaidh a bh’ aige gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.  Tha an goireas Air-Loidhne ga chur air bhonn,  ceum air cheum, gus goireas Air-Loidhne a chruthachadh aig am bi barantas a  bhios na chuideachadh a thaobh  sgoilearachd  agus foghlam, gus tuigse nas fharsainge air litreachas Gàidhlig a bhrosnachadh,  agus cothrom a thoirt do dhaoine tlachd a ghabhail ann am bàrdachd Shomhairle  MhicGill-Eain. 
                           
                          Chuirear crìoch air a' chiad earran den obair seo gu soirbheachail anns a' Ghiblean 2008.  B' iad buill a' bhòrd-stiùiridh aig an àm: 
                           
                          An  t-Ollamh Meg Bateman, Bàrd agus Òraidiche, Sabhal Mòr Ostaig, OGE. 
                            An  t-Àrd Ollamh Tormod N. MacGilliosa, Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig, OGE. 
                            An  t-Ollamh Anna NicMhathain, air chluaineas bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba  (Cathraiche). 
                            An  t-Ollamh Máire Ní hAnnrachain, Oilthigh Mhagh Nuad. 
                            An  t-Ollamh Crìsdean Whyte, sgrìobhaiche, sgoilear agus rannsachair air obair  Shomhairle MhicGill-Eain agus comhairliche sònraichte don Bhòrd Stiùiridh. 
                             
                            Bha
                            Alasdair Caimbeul, neach-naidheachd neo-cheangailte agus eadar-theangadair  agus Criosaidh Dick, sgrìobhaiche, an sàs mar rannsachairean. 
                          Tha na h-Urrasairean uabhasach taingeil gu bheil a' ghoireas seo ann a-nise agus bu thoigh leotha taing shònraichte a thoirt dhan t-Oll. Anna NicMhathain, a sgrìobh dà phàipear a bha fìor fheumail dhan phròiseict.  
  |