Tha na ceithir fichead is ochd deug dàin anns an lethbhreac de na dàin chruinnichte aig Somhairle MacGill-Eain,
O Choille gu Bearradh, a chaidh fhoillseachadh le Clò Carcanet Earranta, air an ath-nochdadh le cead fialaidh bhon fhoillsichear. Tha Urras Shomhairle agus Am Bòrd Stiùiridh fada an comain Charcanet agus teaghlach Shomhairle MhicGill-Eain agus gu sònraichte an t-àrd-Ollamh Michael Schmidt, Stiùiriche Deasachaidh agus Rianachd Charcanet agus Iseabail NicGill-Eain. ’S ann le cead fialaidh an fhoillsichear a tha teacsaichean nan dàn Ghàidhlig air fad ag ath-nochdadh an seo, agus cuideachd, na sia dàin a thagh Am Bòrd Stiùiridh air an eadar-theangachadh gu Beurla. Tha na teacsaichean ag ath-nochdadh bhon lethbhreac cheartaichte de
O Choille gu Bearradh, a chaidh fhoillseachadh an 1999 le Carcanet/Birlinn, Manchester agus Dùn Èideann. Meomhraichibh gum buin na còraichean foillseachaidh gu lèir do Charcanet, agus feumar an cead iarraidh mus dèanar feum de na dàin. Buinidh còraichean nan dàn do dh’ Oighreachd Shomhairle MhicGill-Eain. Airson tuilleadh fiosrachaidh air còraichean foillseachaidh nan dàn, agus airson lethbhreac de
O Choille gu Bearradh a cheannach , tadhail air
www.carcanet.co.uk.
Le aonta teaghlach Shomhairle MhicGill-Eain, agus an fhoillseachair, chaidh dreach litreachaidh an latha an-diugh a chur air na dàin Ghàidhlig le Iain Dòmhnallach, Stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean.
Tha na dàin a’ nochdadh anns an aon òrdugh a rèir na h-ama anns a bheil iad anns an lethbhreac de
O Choille gu Bearradh a chaidh fhoillseachadh an 1999 le Carcanet/Birlinn; agus cuideachd an òrdugh na h-aibidil a-rèir an tiotal.