|
 |
|
Tha na mapaichean de Ratharsair, den Eilean Sgitheanach, de Loch Aillse agus de chladaichean na mòr-thìr mun cuairt, a th’ air an liostadh gu h-ìosal, a’ sealltainn taghadh de na h-ainmean-àite a tha a’ nochdadh anns a’ bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain (bhon leth-bhreac de na Dàin Chruinnichte, O Choille gu Bearradh aig Birlinn/Carcanet a chaidh fhoillseachadh an 1999). Tha àireamh ghoirid de dh’ainmean-àite eile, a bha gu sònraichte cudromach ann am beatha agus ann an obair a’ bhàird, às na ceàrnaidhean a chomharraicheadh gu h-àrd, air am foillseachadh a bharrachd. Gheibh sibh cuideachd, an òrdugh na h-aibidil, liosta de na h-ainmean-àite a tha a’ nochdadh ann O Choille gu Bearradh: thoiribh an aire gu bheil ainmean-àite anns an liosta seo a tha taobh a-muigh raon an dà mhapa.
FIOS: tha na h-ainmean-àite Gàidhlig a’ nochdadh anns an tuiseal ainmeach a dh’ aindheoin dè an tuiseal anns an do nochd iad anns an dàn. Tha na h-uilt ‘A’, ‘Am’ no ‘An’ ann an camagan, agus tha an t-ainmear a tha ga leantainn a’ riaghladh far a bheil na h-ainmean-àite a’ nochdadh a rèir liosta na h-aibidil ann an Gàidhlig. Mar eisimpleir, tha an t-ainm-àite ‘An Àirde’ a’ nochdadh air an liosta mar ‘(An) Àirde, agus air a liostadh an òrdugh na h-aibidil a rèir a’ chiad ainmear. Tha atharrachaidhean beaga air an dèanamh air litreachadh cuid de na h-ainmean-àite a’ leantainn gnàths-sgrìobhaidh an latha an-diugh: mar eisimpleir tha Dùn Èideann air a litreachadh a rèir gnàths-sgrìobhaidh an latha an-diugh, an àite Dùn-éideann mar a bha e sgrìobhte ann an lethbhreac 1999 de O Choille gu Bearradh; agus tha sràcan mall air an cuir an àite nan sràcan geur. Thoiribh an aire nach eil ainmean-àite a th’ air an cleachdadh an gnè buadhaireil ann, no freumhachadh buadhaireil de dh’ ainmean-àite, a’ nochdadh anns an liosta. Mar eisimpleir, chan eil am buadhair ‘Sgitheanach’, a’ ciallachadh ‘de no às an Eilean Sgitheanach’, a’ nochdadh fon Eilean Sgitheanach.
Map de Ratharsair
Map den Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Taobh Siar Rois
Ainmean-àite Gàidhlig an òrdugh na h-aibidil (PDF)
Ainmean-àite Beurla an òrdugh na h-aibidil (PDF)
|
|
|
 |
|
|