Ma tha sibh am beachd copaidh a dhèanamh no ath-nochdadh, ath-fhoillseachadh, post air-loidhne, craoladh, crann-sgaoileadh no cead poblach, no air dhòigh sam bith feum a dhèanamh den fhiosrachadh air Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne ach a-mhàin airson feum pearsanta neo-mhalairteach, feumaidh sibh cead iarraidh bhuapa-san leis a bheil na còraichean buntainneach mus dèanar ath-fheum de phìos teacsa, ìomhaigh no faidhle a bhuineas do na meadhanan a tha nam pàirt de Shomhairle MacGill-Eain Air-Loidhne.
Mar as trice bidh an neach leis a bheil na còraichean air ainmeachadh airson gach faidhle fa leth, ìomhaigh no pìos teacsa. Ma tha teagamh sam bith agaibh cò air a bu chòir na ceadan buntainneach iarraidh, thigibh gu Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne airson comhairle le bhith a’ cur post-dealain gu fios@somhairlemacgilleain.org. Far nach eil an neach leis a bheil na còraichean air ainmeachadh airson fiosrachadh mun làrach, tuigibh gum buin na còraichean le Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne, agus cuiribh ceist sam bith gu fios@somhairlemacgilleain.org.
Faodar stuth air Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne a chleachdadh airson adhbharan sgoilearach agus oideachail (mar eisimpleir, airson adhbharan rannsachaidh no ann an aiste) ach tha seo leis an tuigse nach bi an stuth air a chopaigeadh no air fhoillseachadh gu poblach gun na ceadan buntainneach. Ma tha an stuth gu bhith air fhoillseachadh gu poblach, feumar cead iarraidh air an neach leis a bheil na còraichean buntainneach, agus ma tha ath-fheum gu bhith air a dhèanamh den stuth feumar aithneachadh a thoirt dhaibh-san leis am buin na còraichean dligheach agus do Shomhairle MacGill-Eain Air-Loidhne.