Chaidh an t-Iarrtas airson Cuimhneachan a stèidheachadh do Shomhairle MacGill-Eain a chur air bhog gu foirmeil le Comunn crann na h-Alba an co-bhuinn ri dhà air fhichead buidheann eile, aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail an Inbhir Nis an 1997. Mar thoradh air an sin chaidh Urras Shomhairle MhicGill-Eain a stèidheachadh le calpa luach £10,000 anns an Dàmhair 2000. Ghabh Oifis nan Cìsean gu h-oifigeil ris an Urras mar Bhuidheann Carthannais Albannach (Aireamh SC030622) air 17mh An t-Samhain 2000. Bha amasan an Urrais agus an dòigh air am biodh na h-Urrasairean air an taghadh air aontachadh ro-làimh le na buidhnean compàirt, le Comunn crann na h-Alba agus le teaghlach Shomhairle MhicGill-Eain.
|