An Cuilitheann
A Chrìstein MhicGrèidhir, MhicDhiarmaid,
nan robh agamsa an iarmad
a sgrìobadh o bhàrrlach trian bheag
d’ aigne gheur dhomhainn fhiadhaich,
gun cuirinn-sa an Cuilitheann iargalt
’na theine-sionnachain san iarmailt
’s gun toirinn às an Eilean èigheach
a dheanadh iolach dàin sna speuran.
Agus, a Dhòmhnallaich ghlòrmhoir,
nan robh agam trian do threòir-sa,
chumainn ar Clàr-Sgìthe òirdhearc
ceann-caol ri tuinn àr na h-Eòrpa.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|