Solais
Nuair laigheas an ceann ruadh seo
air mo ghualainn ’s air mo bhroilleach
fosglaidh camhanaich na buaidhe
air cho gruamach ’s a tha ’n doilleir.
Solas anns an Àird an Earraidheas,
an Sealgair thar beinn na Grèige,
solas anns an Àird an Iaras,
Bheunas thar Cuilitheann na fèile.
Nuair tha mo bhilean air a gruaidhean
boillsgidh uachdarain ra-dorcha,
mìle solas shìos is shuas ann,
falt ruadh is sùilean gorma.
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|