Pàrras Caillte: an Argamaid
(Eadar-theangachadh air Paradise Lost, Leabhar 1, Sreath 1-26)
Mu chiad eas-ùmhlachd dhaoine agus meas
Na craoibh’ ud toirmisgte a thug a blas
Bàsail am bàs dhan t-saoghal ’s ar n-uile lochd,
Is chaill sinn Èden gus an saorar sinn
Le neach as moth’ air ais dhan chathair àigh,
Seinn thusa, cheòlraidh nèamhaidh, thusa dheachd
Air creachainn dhìomhair Òraib no Shinài
An cìobair ud a thug dhad roghainn sluaigh
Prìomh oilean mar a dh’èirich talamh ’s nèamh
A-mach à neonì; no mas e Sìon Beinn
As docha leat, no Siloa an t-allt
Tha faisg air teampall Dhè, à sin a-mach
Gaiream do chuideachadh dham ranntachd dhàin,
Nach àill air iteig mheadhanaich dhol suas
Os cionn na Beinn Ahònaidhich ’s i ’n tòir
Air nì do-fheuchainn ann an rosg no rann.
Ach thusa gu h-àraidh, Spioraid Naoimh, len toil
Os cionn gach teampaill cridhe ionraic glan,
Thoir teagasg dhomh, Òir ’s aithne dhut. O thùs
Bha thusa làthair, is le sgèith mhòir sgaoilt’
Shuidh thu mar chalman air an aigeann mhòir,
Ga dèanamh torrach. Na tha annam dorcha
Soillsich, na tha ìseal tog ’s cùm suas
A chum gu àirde mhòir a’ chuspair seo
Gun dearbh mi freastal Dhè ’s gum fìreanaich
Mi dhòighean ris an t-sluagh gu lèir.
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|