| 
                              Oidhche Chiùin Thig am chomhair, oidhche chiùin,gorm0-reultachd adhair agus driùchd,
 ged nach glanar bho aon àird
 bochdainn saoghail, gaoir na Spàinn;
 oidhche is Maol Donn a’ seinn
 ceòl mòr ciùine air a’ bheinn,
 oidhche is mo ghaol ’na lì,
 oidhche air nach fhaicear mi
 lem shùilean fhìn, a chionn lànachd,
 a’ cur dubhair air an fhàire:
 thig am chomhair gorm, cruinn,
 is cuiridh mi air dòigh gun shuim
 gathadh ùrlair ciùil Maoil Duinn.
 
 * * * 
 
 Sgrùd 
                                liosta nan dàn a rèir na h-ama
 Sgrùd 
                                  liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil 
 |