Ma theid mi suas don bhail’ ud shuas
Chaidh mi sìos don bhail’ ud shìos
is binn mo bhàis ’nam làimh.
Sgrìobh mi fhìn i air mo chridhe
an èirig mar a bha mo luaidh:
mise falbh a dh’ionnsaigh blàir
is ise breòite truagh,
gun leannan air an t-saoghal mhòr
a bheireadh ùidh da buaidh.
Chaidh mi sìos don bhail’ ud shìos
is binn mo bhàis ’nam làimh,
’s i sgrìobhte le dà eucoir:
eucoir mhòr nan Nàsach
is eucoir mhòr a truaighe:
dà eucoir a bha ’g aonadh
gum fuirichinn anns an àraich
’s mo nighean fhìn air faondradh
ri pian nach faothaich àilleachd.
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|