Lìonmhorachd
Lìonmhorachd anns na speuran,
òr-chriathar milleanan de reultan,
fuar, fad’ às, lòghmhor, àlainn,
tostach, neo-fhaireachdail, neo-fhàilteach.
Lànachd an eòlais man cùrsa,
failmhe an aineolais gun iùl-chairt,
cruinne-cè a’ gluasad sàmhach,
aigne leatha fhèin san àrainn.
Chan iadsan a ghluais mo smaointean,
chan e mìorbhail an iomchair aognaidh,
chan eil a’ mhìorbhail ach an gaol dhuinn,
soillse cruinne an lasadh t’ aodainn.
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|