Iadhshlat
Tha leth-cheud bliadhna on bhuain
mi iadhshlat air a sàillibh,
dha mo shròin is dha mo shùil,
ìomhaigh chùbhraidh a bòidhche,
fada fada mun do thuig mi
gu bheil an gaol cho fèineil
’s gun dall e sùilean an spioraid
le aoibhneas sùil na feòla.
Dà fhichead bliadhna on chuireadh
truaighe nan truaighe ra bòidhche,
agus on thug mi saor dha spiorad
buaidh nam buadh nach robh ann idir,
colainn bhòidheach is spiorad uasal
glant’ an teine na truaighe.
Thuig mi an uair sin rud eile
nach do thuig mi roimhe,
mar a loisgeas an truaighe
ròs is iadhshlat a’ ghaoil,
luibhean mìlse na colainn
piocte le croman na truaighe,
’s gum fàs gaol cridhe à gaol feòla
agus gun toir an gaol cridhe
buaidh dhiomain air cor na feòla.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|