Gluaisibh gu Deas
Deas, deas gu Bior Haicheim,
tancan is gunnachan ’nan deann,
leum agus breab anns a’ chridhe
agus seòrsa de mhire –
’s e mhire-chatha a bh’ ann –
mar a chualas anns an sgial,
gun fhios am b’ e bh’ ann a’ bhriag.
Gabhail gu deas anns a’ mhadainn
an coinneamh an Africa Corps –
chan fhada gu ’n ruig sinn na Frangaich
’s gu ’n cuir sinn stad air Roimeal mòr!
Ro mheadhan-latha na sligean,
eòin ùr’ annasach san speur;
cha d’ ràinig sinn na Frangaich idir:
chuireadh grabadh grad ’nar rèis.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|