Glac a’ Bhàis
Thuirt Nàsach air choreigin gun tug am Furair air ais do fhir na
Gearmailte ‘a’ chòir agus an sonas bàs fhaotainn anns an àraich’.
’Na shuidhe marbh an ‘Glaic a’ Bhàis’
fo Dhruim Ruidhìseit,
gill’ òg ’s a logan sìos ma ghruaidh
’s a thuar grìseann.
Smaoinich mi air a’ chòir ’s an àgh
a fhuair e bho Fhurair,
bhith tuiteam ann an raon an àir
gun èirigh tuilleadh;
air a’ ghreadhnachas ’s air a’ chliù
nach d’ fhuair e ’na aonar,
ged b’ esan bu bhrònaiche snuadh
ann an glaic air laomadh
le cuileagan mu chuirp ghlas’
air gainmhich lachdainn
’s i salach-bhuidhe ’s làn de raip
’s de sprùillich catha.
An robh an gille air an dream
a mhàb na h-Iùdhaich
’s na Comannaich, no air an dream
bu mhotha, dhiùbhsan
a threòraicheadh bho thoiseach àl
gun deòin gu buaireadh
agus bruaillean cuthaich gach blàir
air sgàth uachdaran?
Ge b’ e a dheòin-san no a chàs,
a neoichiontas no mhìorun,
cha do nochd e toileachadh ’na bhàs
fo Dhruim Ruidhìseit.