Fo Sheòl
Bha ’m bàt’ agam fo sheòl ’s a’ Chlàrach
a’ gàireachdaich fo sròin,
mo làmh cheàrr air falmadair
’s an tèile ’n suaineadh sgòid.
Air dara tobhta ’n fhuaraidh
shuidh thu, luaidh, ’nam chòir
agus do ròp laist’ cuailein
mum chrìdh’ na shuaineadh òir.
A Dhia, nan robh an cùrsa ud
gu mo cheann-uidhe deòin,
cha bhiodh am Buta Leòdhasach
air fòghnadh do mo shèol.