Eaglais Chatharra
Tha eaglais chatharra ’na cheann
ag èigheach mu chor nan daoine
agus mu chor gach creutair
a tha fulang pian na feòla
agus goirteas an spioraid
ris an can sinn an cridhe.
Tha i cnàmhan fad na tide
nuair nach eil i ag èigheach
mun nighinn ionraic sa chansair
’s mun t-siùrsaich ’na h-eucail,
mun mhartair air inneal-ciùrraidh
agus a chliù am beul na brèige.
Tha a glaodh air mullach beinne
agus mùchte san t-sùil-chruthaich
anns a’ bheul nach fhaigh an èisteachd,
mun t-saoi ’s mun churaidh gun ainm
’s mun mhartair nach cluinnear sgeul air.
Tha ’sùil gun chadal gun tàmh
air an truaghan ionraic chlaoidhte
’s air a’ mhurtair chaothaich
nach do dh’iarr a bhreith,
air maodal theann an leanaibh
’s i gu sgàineadh leis a’ ghort;
air a’ chalar sgreamhaidh
’s air a’ chansair oillteil,
air cràdh do-ghiùlain aona chreutair.
Air na seòmraichean gas,
air gach Belsen a bh’ ann,
air bom an dadmain is an neodroin
’s air an lèirchreach nach fhaigh cainnt.