Eadh is Fèin is Sàr-Fhèin
Chaidh na samhlaidhean leis a’ bhearradh
agus na h-ìomhaighean thar na creige
is chailleadh iad air machair fharsaing,
air cabhsair an rathaid dhìrich
om faic an reusan an fhìrinn.
Chan eil a’ mhachair idir farsaing
agus tha an rathad lùbach,
is ged a tha sgurrachan a’ bhearraidh
corrach do threibhdhireas an t-seallaidh,
chan fheàrr a’ choille throm dhùmhail
’s i fàs a mach à cnàimh an rathaid,
às mo chluasan, às mo shùilean,
às mo bheul, às mo chuinnlein
’s às gach bìdeig dem chraiceann,
eadhon às an roinn bhig sin
a tha blàth os cionn mo chridhe.
Tha imcheist na machrach mòire
cho doirbh ri sgrurrachan na dòrainn.
Chan eil buaidh air a’ mhachair
’s chan eil bhith beò anns a’ choille.
Chan fhuirich an cridhe air a’ mhachair;
’s mòr as fheàrr leis a’ chridhe
(’s e cho càirdeach don spiorad)
bhith ’n crochadh air piotan ris an stalla
is fear mòr ’na cheannard ròpa,
Calvin no Pàp no Lenin
no eadhon bragairneach brèige,
Nietzsche, Napoleon, Ceusair.
Tha Freud ’na bhàillidh air a’ choille
(tha ’n oifis aige àrd air uirigh)
’s air gach oighreachd nach tuigear.
Cha mhoth’ airsan fear an ròpa
(an ròp e fhèin ’na bhalg-sèididh):
sùil saoi air freumhaichean cèine;
uirigh sa chreig chais uaibhrich
a’ toirt neo-’r-thaing do choille ’n luasgain,
don choille fhìrinnich ìochdraich,
don choille iriosail ’s i air laomadh
le luibhean searbha dathte mìlse.