Dàn a rinneadh nuair a bha Comunn Gàidhlig
Inbhir Nis ceud bliadhna a dh’aois
Samhlaidhean air bearradh a-nochd,
air binnean falbhaidh sa cheò
’s e bàrcadh tiugh ’s a’ sgaoileadh tana
nuair thig aon chreachainn san t-sealladh
’s nuair dh’fhalbhas tèile bhon t-sùil
’s nuair dhùbhrar stalla fo sgleò.
Ceathach nan ginealach a’ streap
thar sgurrachan cuimhne ’s caochladh fiù,
na fir mhòra ’s na fir bheaga
a’ nochdadh ’s gan call anns a’ ghreadadh
a bheir fortan claon no ’n roghainn
a ni lèirsinn is ùidh.
A shamhlaidhean fhèin aig gach fear
’s a roghainn ìomhaigh aig gach spèis;
do gach fear a roghainn bearraidh
a ruigeas a shùil leis an sgaradh
a nì geur-aighnidhean no ’n spàirn
tha eadar Alba is e fhèin.
A’ coiseachd shràidean Inbhir Nis
o bhearradh nan ceud bliadhna dùr,
saoidhean is sgoilearan a dh’fhuirich
ron ionnsaigh a thugadh air na h-uile
lem b’ fheàrr an dualchas na ’n t-òr
’s nach do dh’iarr an roghainn ùr.
Tha ’n ceathach nimheil air an t-sràid,
air na sgurrachan ’s air na tùir,
ceò na ruaige bho Chùil Lodair
agus bho ruaigean eile roimhpe
agus bho ruaigean às a dèidh
a’ fiaradh mothachaidh is dùil.
Ceò air a dheiltreadh leis an òr,
an ceò as miosa thàinig riamh,
eachraidh is gunnachan nan caorach
’s am mèilich fhiataidh air an aonach,
agus am prasgan beag a’ strì
nuair b’ e an t-aomadh an ciall.
Ann an ceò plamach sgeòil
chan eil cinnt an lèirsinn fhuair
’s chan eil mòran ri aithris
nach gabh claonadh anns an aithris.
Am baile Gallta Inbhir Nis
rinn còmhlan beag rud mòr air uair.
Ceathrar ar fhichead a bh’ ann
’s dà thrian dhiubh caillte sa cheò
’s gun sgeul orra air aon bhearradh,
gun am faileas air aon stalla
ach ceathrar no còignear a-mhàin;
tha càch air bearraidhean fo sgleò.
Daoine air bearraidhean a-nochd
’s gun fhear dhiubh cho àrd ’s bu chòir –
saoidhean is sgoilearan nan Gàidheal
dhan robh an dualchas gaoil ’na bhràdair,
feadhainn anns an aiteal luath
is feadhainn caillte anns a’ cheò.
Bearraidhean ag èirigh do chuid
’s gan call gu tur an aineol chàich,
fichead dhen chòmhlan siud gun alladh
às aonais nach seasadh aon bhratach,
fichead dhen chomhlan siud gun ainm,
gun chliù an ceathach ciar a’ bhàis.