Cùil Lodair 16.4.1946
(do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis)
Ged as fada ceud bliadhna
is nas fhaide na dhà dhuibh,
tha a’ chuimhne ’s i fuaighte
ris an stuaim th’ aig na cnàmhan
is ri sàmhchair na duslaich
tha ’n Cùil Lodair san àraich
far na thuit fir na h-Albann
anns a’ ghaisge nach àichear;
anns a’ ghaisge nach millear
leis a’ mholadh no ’n t-àicheadh
no ged bhithear ri feòrach
an e mòrachd bu fhàth dhaibh
is an lèirsinn thar tuigse
is an spiorad thar àmhghair,
no dallabhrat air tuigse
agus buidseachd air nàdar.
An e Teàrlach ruadh Stiùbhart
is anabarr a thàlaidh
no seann adhbhar na h-Albann
a dhùisg am marbhadh mòr cràiteach
nach tug deagh bhrìgh air eachdraidh
dh’aindeoin goirteas is sàth-ghal
is a dh’fhàg an Cùil Lodair
geugan crìona a’ chràdhloit?
Geugan maireann is crìona
a liubhair am blàthan
do mhachraichean eile
agus Alba ’na fàsaich,
geugan seacte gun ùbhlan
ach flùraichean grànda,
is raointean na h-Albann
fuaraidh craingidh, cùis-nàire.
Cha tug imeachd na h-eachdraidh
an dearbhadh no ’n t-àicheadh
dhan chùis anns na mhilleadh
no cuirp smiorail làidir;
chan eil fhios an e ’m bristeadh
bha cur an t-sìl ghràinneil
a sgap fraineach tro ghleanntan
san robh cluaineagan bàidheil.
An e ’n call aig Cùil Lodair
thug an grodadh sna Faoillich
a dh’fhàg Gàidhealteachd na h-Albann
’na dachaigh gun daoine,
’na raoin tathaich aig tannaisg
’s ’na h-achadh aig caoraich,
’s a ruaig thar na cuanta
an luach bha ’na daoine?
Is faoin a bhith farraid
dè bha ’m barail nam fiùran:
an e Alba bha ’n toiseach
no Teàrlach ruadh Stiùbhart:
no am fac’ iad mar aonachd
dà nì sgaoilte fon sùilean,
urram ’s sonas a sluaigh-se
is Teàrlach ruadh Stiùbhart.
Ma rinn iadsan a’ mhearachd,
chan eil eachdraidh gan dìteadh,
Òir sheachain iadsan am masladh
th’ air na shoirbhich san t-strì ud:
chan eil Gàidhealtachd fhaondrach
a’ cur straonaidh san t-sìothaimh
tha aig na cuirp lùthmhor
tha san ùir seo ’nan sìneadh.
Dh’fhaodadh àmhghar nan Gàidheal
a bhith mar a bha e,
is blàr caillte Chùil Lodair
’na roghainn buaidh-làraich.
Ach ’s e bh’ ann ach am bristeadh
do chinneadh nan Gàidheal,
is cha d’ dh’fhàs air an raon seo
ach craobh sheargte an ànraidh.