Creagan Beaga
Tha mi dol tro Chreagan Beaga
anns an dorchadas leam fhìn
agus an rod air Camas Alba
’na shian air a’ mhol mhìn.
Tha ’n guilbirneach ’s an fheadag
ag èigheach shìos mun Chùil,
’s an earraidheas air Sgùrr nan Gillean,
Blàbheinn, ’s a’ ghealach gun smùr.
Stràcadh na soillse air clàr mara
o Rubha na Fainge sìnte tuath,
agus an sruth an Caol na h-Àirde
a’ ruith gu deas le lainnir luaith.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|