Cornford
Cornford agus Julian Bell
agus Garcia Lorca
marbh san Spàinn san adhbhar naomh
is cridhe ghaoil mì-shocrach:
neo-lùthmhor bodhaig leis an sgoinn
tha cur na loinn air bàrdachd,
anfhann an cridhe leis a’ bhrìgh
th’ aig domblas lì na h-àilleachd.
Cornford agus Julian Bell
agus Garcia Lorca
marbh san Spàinn san adhbhar chruaidh
is cridhe ’n duain mì-shocrach;
tùchadh air a’ Cheòlraidh ghlais,
a fhuair an gaiseadh meirge,
ànradh an spiorad nan laoch
a chunnaic claonadh feirge.
Cornford agus Julian Bell
agus Garcia Lorca
a’ sìor dhol thimcheall ’nam cheann
is adhar dubh gun fhosgladh.
Cornford agus Julian Bell
agus Garcia Lorca,
chan fhaigh na bàird os cionn bhur n-èig
le brèig a’ chridhe shocraich.
Dè dhuinne ìmpireachd na Gearmailt
no ìmpireached Bhreatainn,
no ìmpireachd na Frainge,
’s a h-uile tè dhiubh sgreataidh!
Ach ’s ann duinne tha am bròn
ann am breòiteachd a’ chinne:
Lorca, Julian Bell is Cornford,
nach d’ fhan ri glòir nam filidh.
O mhachraichean na Spàinne,
a chunnaic àmhghar thruaghan,
cha d’ ghabh mise bhur cràdhlot
is sàthghal bhur buairidh;
an fheadhainn dan tugadh bàs leibh,
fhuair iad sgàil na h-uaghach;
dh’fhàg cuid dhiubh sonas saoghail
is cuid dhiubh gaoir na truaighe.
Cornford agus Julian Bell
agus Garcia Lorca,
’s ann agaibhse a tha an uaigh
tha cruaidh le glòir socrach!
Cornford agus Julian Bell
agus Garcia Lorca,
bu sheachd feàrr leams’ bhur n-eug
seach èiginn mo thorchairt!