Chan fhaic mi . . .
Chan fhaic mi fàth mo shaothrach
bhith cur smaointean an cainnt bhàsmhoir,
a-nis is siùrsachd na Roinn-Eòrpa
’na murt stòite ’s ’na cràdhlot;
ach thugadh dhuinn am millean bliadhna
’na mhìr an roinn chianail fhàsmhoir,
gaisge ’s foighidinn nan ceudan
agus mìorbhail aodainn àlainn.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|