Chan eil anns a’ bhròn . . .
Chan eil anns a’ bhròn ach neoni
’s chan eil anns a’ ghaol ach bruan
fa chomhair nan reul a’ sgaoileadh
’s an saoghal a’ dol ’na chuairt.
Agus liuthad millean bliadhna
on thriall an Talamh ’na chaoir
agus liuthad millean iadhadh
a thug e le thriall air gaol.
Dè dhòmhsa a mhillean iadhadh,
dè dhòmhsa a chian‑chùrs’ aost’
a chionn nach toir e le ghrian-leus
gnè shìorraidheachd do mo ghaol!
Seatadh e fad rèis a bhuantachd
tro chluaintean glasa nan speur
a chionn nach dealbhar le buaidh e
’na chumadh luaidhe dom chèill!
A chionn nach eil sùim dar miannan
anns an iadhadh bhiothbhuan chlaon,
chan eil mo shùim-sa ra cheudan
no mhilleanan sgeulachd gaoil.
Nam b’ urrainn aodann mo luaidhe
bhith àlainn is buan gu bràth,
bheirinn dùbhlan do Thìm le bhuadhan
le nodhachd ’s le luathghair fàis.