Ban-Ghàidheal
Am faca Tu i, Iùdhaich mhòir,
rin abrar Aon Mhac Dhè?
Am fac’ thu ’coltas air Do thriall
ri strì an fhìon-lios chèin?
An cuallach mheasan air a druim,
fallas searbh air mala is gruaidh;
’s a’ mhias chreadha trom air cùl
a cinn chrùbte bhochd thruaigh.
Chan fhaca Tu i, Mhic an t-saoir,
rin abrar Rìgh na Glòir,
am measg nan cladach carrach siar,
fo fhallas cliabh a lòin.
An t-earrach seo agus seo chaidh
’s gach fichead earrach bhon an tùs,
tharraing ise ’n fheamainn fhuar
chum biadh a cloinne ’s duais an tùir.
’S gach fichead foghar tha air triall
chaill i samhradh buidh nam blàth;
is threabh an dubh-chosnadh an clais
tarsainn mìnead ghil a clàir.
Agus labhair T’ eaglais chaomh
mu staid chaillte a h-anama thruaigh;
agus leag an cosnadh dian
a corp gu sàmhchair dhuibh an uaigh.
Is thriall a tìm mar shnighe dubh
a’ drùdhadh tughaidh fàrdaich bochd;
mheal ise an dubh-chosnadh cruaidh;
is glas a cadal suain a-nochd.