Anns a’ Phàirce Mhòir
Falach-fead aig a’ ghealaich,
siubhal-sìdhe measg nan sgòth,
a’ chlann a’ ruith a chèile
measg adagan sa Phàirce Mhòir.
Oidhche ’n deireadh an fhoghair
nuair bha an Taghadh nas ciaire
’s mun robh an saoghal ’na sgrìoban
cruaidhe dìreach giara.
’S gun fhios aig gille no nighinn
cia mheud adag bh’ air an raon,
a h-uile h-adag fhathast dìomhair
mun robh an t-achadh ’na chlàr maol.
Cha robh an Taghadh cho soilleir
is sinne anns a’ Phàirce Mhòir.