|  
                                An uair a labhras mi . . . An uair a labhras mi mu aodannagus mu spiorad geal mo ghaoil ghil
 ’s ann a theireadh neach nach d’ ràinig
 mo shùilean dalla  air a’ chàthar,
 air a’ bhoglaich oillteil ghrànda
 sa bheil a’ bhuirdeasachd a’ bàthadh:
 ach chunnaic mi bho àird a’ Chuilithinn
 gathadh glòir is breòiteachd duilghe:
 chunnaic mi òradh lainnir grèine
 agus boglach dhubh na brèine:
 ’s eòl dhomh seirbheachd gheur an spioraid
 nas fheàrr na aoibhneas luath a’ chridhe.
   | 
                      
                        | * * * 
 
 Sgrùd 
                            liosta nan dàn a rèir na h-ama
 Sgrùd 
                            liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil 
 |