An Trom-laighe
Oidhche dhen dà bhliadhna
nuair shaoil mi gun do chreuchdadh
mo luaidh le giamh cho miosa
’s a bh’ air mnaoi bho linn Eubha,
bha sinn còmhla am bruadar
ri taobh a’ bhalla chloiche
tha eadar cluich-ghart ghillean
is nighean mo chiad sgoile.
Bha i eadar mo làmhan
’s mo bheul a’ dol ga bilibh
nuair straon an ceann oillteil
bho chùl a’ bhalla ’n clisgeadh;
is rinn na cràgan ciara
fada breuna mo sgòrnan
a ghlacadh an grèim obann
’s lean briathran an eu-dòchais:
“Tha thu, ghloidhc, air dheireadh.”
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|