An Saothach
An cuir thu ceann ri cuan a-chaoidh,
am brist thu muir mhòr uaibhreach,
ga sloistreadh le cruaidh-ghiuthas caol,
le froiseadh do dhà ghualainn?
An tog thu rithist an seòl mòr
a ghlacas a’ ghaoth shiabach,
a lìonas le soirbheas nan sian,
nach crath ri osaig fiaraidh?
Am brist thu fairge, an srian thu gaoth,
an claoidh thu confhadh chuantan,
a’ gearradh chuartagan nan sruth,
gad sparradh ris an fhuaradh?
An toir thu dùbhlan don mhuir bhuirb,
cur ànradh cuain gu dùbhlan,
an seòl thu rithist sèimh le sruth,
an snàmh thu mar cheòl sùgraidh?
Ùir is duslach am fear mòr
air dhìochaine am Mùideart,
a chainnt air faondradh, air chall a làmh,
ealain is misneachd a stiùiridh!
Tha ’n iùbhrach eile air sgeir cuain,
a fir bàthte ’s tuill ’na cliathaich:
nuair thàinig dubhar chaill i h-eòl
agus ghabh na Goill i ’n iasad.
Thè bhuidhe, ghaoil ghil mo chridhe,
nach tig dom throm-ghlaodh guidhe,
thè bhàn nach eil, nach bi mar rium,
shàth thu ’n searbh-ghaol geal tromham!
Dh’fhag thu mi ’nam mharbhan beò;
thug thu bhuam gach spèis is sgleò;
chlaoidh thu mi le ìsleachd crìdh’;
mhill thu mi le àrdan strì.
Stadaidh sruth mun ruig e cuan
is bristidh gaol gu neoineachd bhruan:
an uair thig tiormachd air a’ chluain,
searbh is glas na clachan cruaidh.
Theagamh gun diùchd dhuinn aisling chaomh
am faicear air clàr chuantan
tè dhubh dhealbhach agus tè bhan,
soilleireachd mara mun cuairt orr’.
Chunnacas, cha b’ ann am bruadar,
duine ’na sheasamh air àird,
’nan ràth geal solais mun cuairt air
faclan gun sgoinn, gun stàth.
Cò seo a dh’fhiar an seòladh,
am fear ud à ciarachd àird?
Dhealbh e longphort anns na neòil dhaibh,
mheall e ’n tè dhubh ’s an tè bhàn.
O a bhalaich a sheas air àird,
ge b’ fhaoin thu agus ge b’ fhiarach,
cha b’ e aiteal do shoillse bhaoith
chuireadh ar birlinn air a cliathaich!
Och, a bhròinein is tu ’nad cheò,
cha b’ thusa seòl an fhuathais;
cha b’ thusa chuir ar bailtean fàs;
cha b’ thusa mhàb ceann ar tuatha.
Cha b’ thu ruaig daoine air sgàth fhiadh
agus biadh chaorach bàna;
cha b’ thusa leag ar taigh gu làr,
a bhuain ar blàr ’s a ghrod ar bàta!
O gaoir an fhliuchbhuird ri sruth thonn,
froiseadh a guaille air bàrcadh,
O ealantas a seòl dol ris,
cathadh bho slios ga fàgail!
Ach creach nan gineal fon chìs ghoirt,
creach is coigreachas gad spùilleadh,
uabhar Shasainn air ailm ’s air sgòd,
Pàrras Shasainn gad mhùchadh!
Uallach Shasainn air do bhùird,
an t-uallach nach gabh gluasad:
romhad, mun cuairt ort, os do chionn,
speuran Shasainn ’s a cuantan.
A h-ìmpireachd a’ claoidh do sheòl,
a’ bhochdainn a’ fiaradh do chùrsa,
a’ bhùirdeasachd agus an sgleò,
’s an anam thar do rùin-sa.
Agus fear ùr ort nach b’ eòl dhut,
fear thug an sgoinn bhod chùrsa,
an cruas dubh, an liath-cheann lom,
’s an Taghadh teann ’na shùilean.
Air slighe fhann thar tuinn nan deur
a’ snòtachadh reultan cùbhraidh,
a chnàmhan a’ cladhach do threòir,
’s am bàillidh air a chùlaibh.
Tha làmh-san a’ tuiteam bhod sgòd
is òrdain a’ fàs suarach,
ach chan fhaicear sgioba ùr
len cuirear thu gu fuaradh.
An cuir thu ceann ri cuan a-chaoidh,
am fàg thu caladh bàsail,
torman an onfhaidh rè na h-oidhch’
ach camhanaich dhearg air fàire?