An Dotair MacLachlainn
Thuirt iad gu snàmhadh tu ’n caolas
airson faoilte beòil
’s gu robh do dhruim làidir dìreach
a’ gabhail a-mach ri Beinn Shianta
leis an eallach air do ghuaillean
bhith faicinn an fhearainn ’na fhàsaich
fo chaoraich is frainich is luachair.
Thuirt iad mòran mu do dheaghainn,
gu robh thu suilbhir còir
mar chas-chiorbain na grèine
fo na sgòthan dubha dùmhail
a shil boinnean an lèiridh
’s a shearg bàrr is blàth do dhùthcha.
Ann an Cill Chaluim Chille,
faisg air na Camshronaich ’s na Leòdaich,
measg Chlann Ghill-Eain ’s Chlann Aonghais,
‘anns a’ chill mhòir os cionn Loch Àlainn’,
dh’amais mi air uaigh MhicLachlainn,
’s gun fhios agam gu robh i ann.
Thàinig m’ aineolas orm ’na chlisgeadh
de dh’ioghnadh is de nàire.
Am fear a b’ àbhaist an caolas
a shnàmh ’s e làidir òg
air a chlaoidh le cor a dhaoine
’s leis a’ ghaol nach fosgail uaighean,
am fear còir aighearach fo èislean
le fòid na cille ’s fàs na luachrach.
An Camhshronach am Bun Allt Eachainn,
am fear annasach eòlach,
dh’innis e mu aiteal grèine
air a’ Mhorbhairne bhòidhich
ri linn a fàsachaidh ’s a truaighe,
ged nach eil oirre ri ar latha
ach gathan beaga ’n cuimhne uaignich.
Thuirt iad gu snàmhadh tu ’n caolas
airson faoilte beòil,
agus on bha do chridhe farsaing
’s do bhriathran cho làidir drùidhteach,
leudaich iad caol cumhang Chàrna
gu caol mòr farsaing Mhuile
airson leudachadh do chliùtha.
Bha misneachd mhòr a’ chaolais
gu lag traoghte air Beinn Shianta.