An Ceann Thall
Seo an t-àite mu dheireadh,
an t-àit’ aonaranach gun fhradharc bheann
far an èiginn stad is fuireach
ged nach eil ar n-àilleas ann.
Cia às a thug sibhs’ a’ choiseachd
thar aonaichean coimheach, tro bhealach ciar,
is eagal oirbh gun tachradh sibh ’s i tilleadh
ris a’ bhuaidh mheallta fhiair?
Cha tàinig i le seitrich eachraidh
no tairbh a’ bùirean feadh nan gleann
ach a‑mhàin gu faiteach fiata,
mar nì nach ruigeadh a cheann.
Ciamar a chùm thu do choiseachd,
a mhiann amaidich thrèin,
am measg nan iomadaidh eile
ris an oidhche ’n dìth nan reul?
Carson a thug thu do choiseachd,
a’ choiseachd ud bhaoth gun fhiù,
agus gach iomadh ceum eile
na b’ fheàrr na do cheum gun tùr?
An ceum a thug thu mu dheireadh
gu fàsaich an ràin bhaoith,
far nach cluinn thu ach magadh
aig sruthan, eabar agus gaoith.
Far a bheil an cridhe ’na aonar
a dh’aindeoin maitheis agus uilc,
agus an t-aonar eabair nas miosa
na fiacail nimhe an tuirc.
Chan e do ghnìomharan a threòraich,
aon chuid math no olc;
cha robh iadsan na bu treasa
a chum t’ fheabhais na aon sop.
Cha d’ rinn tancan do dhualchais
no gunnachan mòra do rùin
no luingeas-adhair do dheagh-ghean
an èifeachd bu neonithe dod dhùil,
ach do thoirt gu àite suarach
a dhèanadh tàire air do ghaol
ged bu armachd dha an treuntas
bu luaithe bha ’n ealtainn no sgaoth,
ged bu dha fèile na maidne
a b’ àille chunnaic sùil òg
on chaidh air tìr an Gleann Èite
ceathrar ainmeil a’ bhròin.
Do Ghleann Eite-sa ’na shlocan
sgreagach fuaraidh gun chur
’s do Ghleann Dà Ruadh ’na àite creagach
gun bheinn uaibhrich no muir.
Seo an t-àite mu dheireadh
an dèidh bòst curanta do spèis,
an ceann thall far nach eil tilleadh
ach bristeadh cridhe ’s uaill gheur.