|  
                                Am Buaireadh  Cha do chuir de bhuaireadh riamhno thrioblaid dhian ’nam chrè
 allaban Chrìosda air an talamh
 no milleanan nan speur.
 ’S cha d’ ghabh mi sùim de aisling bhaoith –coille uaine tìr an sgeòil –
 mar leum mo chridhe rag ri tuar
 a gàire ’s cuailein òir.
 Agus chuir a h-àilleachd sgleòair bochdainn ’s air creuchd sheirbh
 agus air saoghal tuigse Lenin,
 air fhoighidinn ’s air fheirg.
 | 
                      
                        | * * *
 
 
 Sgrùd 
                            liosta nan dàn a rèir na h-ama
 Sgrùd 
                            liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil 
 |