Am Boilseabhach
’S mi ’m Bhoilseabhach nach tug suim
riamh do bhànrainn no do rìgh,
nan robh againn Alba shaor,
Alba co-shìnte ri ar gaol,
Alba gheal bheadarrach fhaoil,
Alba àlainn shona laoch;
gun bhùirdeasachd bhig chrìon bhaoith,
gun sgreamhalachd luchd na maoin,
’s gun chealgaireachd oillteil chlaoin,
Alba aigeannach nan saor,
Alba ’r fala, Alba ’r gaoil,
bhristinn lagh dligheach nan rìgh,
bhristinn lagh cinnteach shaoi,
dh’èighinn ’nad bhànrainn Albann thu
neo-ar-thaing na Poblachd ùir.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|