Am Bàta Dubh
A bhàta dhuibh, a Ghreugaich choileanta,
cluas siùil, balg siùil làn is geal,
agus tu fhèin gu foirfeach ealanta,
sàmhach uallach gun ghiamh gun ghais;
do chùrsa rèidh gun bhròn gun fhaireachadh;
cha b’ iadsan luingis dhubha b’ ealanta
a sheòl Odysseus a-nall à Itaca
no Mac Mhic Ailein a-nall à Uibhist,
cuid air muir fìon-dhorcha
’s cuid air sàl uaine-ghlas.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|