Aithreachas
Aithreachas an deaghaidh nam pòg
ga mo leòn fad na h-oidhche:
gu bheil uabhar mo ghaoil
a’ magadh air do chor mì-aoibhneach;
gu robh neart òg mo cholainn
a’ fanaid air adhbhar do thùrsa,
is t’ àilleachd bhròin a’ falbh ’na manadh
air rathad briste glas do chiùrraidh.
Carson, a Dhia, nach d’ fhuair mi ’n cothrom,
mun d’ shrac an t-òigear Goill do bhlàth,
mun d’ rinneadh culaidh-thruais dhed bhòidhche
’s mun d’ leagadh suaithneas òir ri làr?
A Dhia, ’s e bòidhche a’ ghàrraidh,
ged tha ’n giamh glas fo lì nam blàth,
nach fhan ri buidheachas an fhoghair
on bhuaineadh tìm is bun is bàrr.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|