A’ Mhalairt Bhreugach
Gabh mo leisgeul, a luaidh,
gun tug mi uair don tèile
an dà dhàn dheug a rinn mi dhutsa:
bu ghoirt ’s bu ghiar a feum-se.
Gabh mo leisgeul, a luaidh,
’s ann bha mi uasal gòrach
nuair thug mi saor do chulaidh-thruais
na dàin a ghluais do bhòidhche.
Bu bheag t’ fheum-sa air mo bhàrdachd;
cha b’ ionann sin don tèile.
’S e uabhar neònach Chloinn Ghill-Eain
a rinn a’ mhalairt bhreugach.
Is beag t’ fheum-sa air mo bhàrdachd;
cha b’ ionann don tè reubte.
’S e pàirt de dh’uabhar Chloinn Ghill-Eain
a rinn a’ mhalairt fheumail.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|