A’ Bhuaile Ghrèine
Dom shùilean-sa bu tu Deirdre
’s i bòidheach sa bhuaile ghrèine;
bu tu bean Mhic Ghille Bhrìghde
ann an àilleachd a lìthe.
Bu tu nighean bhuidhe Chòrnaig
is Mairearad an Amadain Bhòidhich,
an Ùna aig Tómas Làidir,
Eimhir Chù Chulainn agus Gràinne,
bu tu tè nam mìle long,
ùidh nam bàrd is bàs nan sonn,
’s bu tu an tè a thug an fhois
’s an t-sìth bho chridhe Uilleim Rois,
an Audiart a bhuair De Born
agus Maebhe nan còrn.
Agus mas eadh is fìor gun d’ ràinig
aon tè dhiùbhsan t’ àilleachd,
tha fhios gum b’ ann le spiorad gràsmhor
air a dhealbh an aghaidh àlainn.
Agus uime sin bu chòir dhomh
’n Dàn Dìreach a chur air dòigh dhut
a ghlacadh gach uile bhòidhchead
a las mac-meanmna na h-Eòrpa.
Bu chòir nochdadh ’na iomchar
dianas na Spàinne gu h-iomlan,
geur-aigne na Frainge is na Grèige,
cèol na h-Albann ’s na h-Èireann.
Bha còir agam gach uile èifeachd
a thug Lochlann is Èire
is Alba àrsaidh do mo dhaoine
a chur cuideachd an caoine
agus an ìobairt don ioghnadh
tha geal dealbhte an clàr t’ aodainn.
Agus a chionn nach mise aon diubh –
Mac Ghille Bhrìghde no Naoise,
Tómas Ua Custuil no MacDhòmhnaill,
Bertrans no ’n t-Amadan Bòidheach,
Cù Chulainn no Fionn mòr no Diarmad –
’s e mo chàs-sa an iargain
a ghabhas spiorad nam bàrd cianail
a ghlacadh anns na ranna pianta,
a thogail ’s a chumail mar a b’ àill leam
dìreach, cuimir anns an dàn dhut,
sean agus ùr is lànmhor,
cumadh is meanmna gach àilleachd;
còmhla an ìomhaigh an èibhneis,
luathghaireach, domhainn, leugach,
geur-aigne na Frainge ’s na Grèige,
ceòl na h-Albann is na h-Èireann.
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil