Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne
Bàrdachd
separator
 
Eachdraidh-beatha Bàrdachd Sgrìobhaidhean Lèirmheasach Leabhar-chlàr Companaich Litreachail eadar-nàiseanta Foillsichidhean Duaisean agus Urraman Clàr-eachdraidh
img
Urras Shomhairle
An t-Urras
Eachdraidh
Na h-Urrasairean
Obair an Urrais
Bòrd Stiùiridh
Partners Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Sabhal Mòr Ostaig Scottish Arts Council Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Awards for All Comunn na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig Scottish Arts Council Awards for All Comunn na Gàidhlig The PRS Foundation for New Music Gaelic Arts Highland 2007 Bòrd na Gàidhlig UK LEADER Gaelic Media Service Comunn na Gàidhlig
Naidheachd Gailearaidh Meadhanan Mapaichean Cuimhneachain

Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne

Air Chluaineas (1981-1996)


'
Lean cliù Shomhairle MhicGill-Eain air fàs gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta anns na bliadhnaichean seo: bha a bhàrdachd air a h-eadar-theangachadh gu cànanan eile, agus bha e a' cosnadh cliù mar bhàrd cha b' ann an Alba agus an Èirinn a-mhàin, ach anns an Roinn Eòrpa, Ameireaga a Tuath agus an Astràilia.  Mar a thuirt an Àrd-Ollamh Uilleam MacIllIosa, ‘Tha an euchd seo gu sònraichte annasach seach gun do   
Video

roghnaich e sgrìobhadh ann an cànan a th' air a labhairt le nas lugha na ceud mìle neach.’ Thug Oilthighean ceuman urramach do Shomhairle MacGill-Eain a' cur luach air a thàlantan agus a shaothair às leth litreachais, agus bha iarrtas air bho gach ceàrn den t-saoghal airson a bhàrdachd a leughadh agus òraidean a lìbhrigeadh.  Bhiodh mòran aig nach robh facal Gàidhlig a' tighinn a dh' èisdeachd a bhàrdachd dìreach

airson gun cluinneadh iad a ghuth tarraingeach - bha e mar gu robh na faireachdainnean a ghluais gu bàrdachd e a' tighinn beò a-rithist mar a bha e ag aithris.

'
An 1985, chaidh an rosg agus na sgrìobhaidhean sgrùdail aig Somhairle MacGill-Eain an cruinneachadh ann an Ris a' Bhruthaich, a bh' air a dheasachadh leis an Àrd-Ollamh Uilleam MacIllIosa agus air fhoillseachadh le Acair an Steòrnabhagh. Ceithir bliadhna an dèidh sin, an 1989, chaidh a dhàin chruinnichte an Gàidhlig is am Beurla, O Choille gu Bearradh fhoillseachadh le Carcanet.  Bha an leabhar air a choisrigeadh da bhean,
Rìnidh, agus sgrìobh e ro-ràdh cudromach ann far an do mhìnich e mòran de chreideas bàrdail '..... chan eil am bàrd proifeiseanta "làn-aimsireil" a' freagairt ormsa agus cha robh riamh.  Ma cheadaicheas an tìde dhomh, tha mi a' beachdachadh air rud gus an tig ruitheam, cha mhòr mar ròp teanna gus a dhol tarsainn mòr-bheàrn na sàmhchair.  Tha mi a' dol air adhart leis, cho fad ’s a chì mi, gun mhothachadh.'

Bha bàs an dàrna nighinn, Caitrìona, glè òg, na bhriste-cridhe dha, agus anns na bliadhnaichean mu dheireadh de bheatha bha e fhèin agus a bhean nan taic seasmhach dom mac-cèile agus dhan triùir ogha a bh' air am fàgail gun mhàthair cho òg.

'

Air am 24mh den t-Samhain 1996, is gun e air a bhith fada a' gearrain, chaochail Somhairle MacGill-Eain ann an Ospadal na Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis, aig ceithir fichead is a còig bliadhna dh' aois.  B' e buille chruaidh a bh' ann oir b' e a ghuth-san guth fìor na Gàidhealtachd agus nan Gàidheal', 23 agus bha an liuthad iomradh-bàis a chaidh a sgrìobhadh  nam fianais air a' mheas agus an spèis a bh' aig daoine dha.


Video

'S dòcha gum bu chòir dhuinn am facal mu dheireadh fhàgail aig Iain Mac A' Ghobhainn, mar a thuirt e an 1973:  'Nuair a thig an seòrsa bàrdachd seo mur coinneamh, chan urrainn dhuinn ach iongnadh a ghabhail gu bheil an leithid ann..... Oir chan e dìreach faclan a th' anns a' bhàrdachd seo: 's e th' ann ach an dà chuid faclan agus ceòl còmhla, 's ann mar seo a bu mhath leinn bàrdachd a bhith'


Tha am fiosrachadh seo stèidhichte air a' chatalog a bh' air fhoillseachadh co-cheangailte ris an taisbeanadh ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain a chaidh a chur air bhonn a chomharrachadh na bliadhna a bha e trì fichead 's a deich an 1981.  Bha e fhèin gu mòr an luib deasachadh an taisbeanaidh.  Tha sinn fada an comain Rìnidh, bean Shomhairle MhicGill-Eain, airson cuideachadh le na deitichean a bhuineadh do na h-amannan anns an robh iad a' fuireach ann an Dùn Èideann agus anns a' Phloc.

 


Dàin a rèir an ainm

Gailearaidh

Òige ann an Ratharsair Anns an Oilthigh Mu Choinneamh an t-Saoghail Dùn Èideann Am Ploc Toradh a Shàr-chomais Air Chluaineas
'
'
'
'
'
'
   
'